’S e Loidhne na Gàidhealtachd an Iar eadar A’ Ghearasdan agus Mallaig aon de na tursan as boidhche anns an t-saoghail. Agus a-nis, tha cruinneachadh ùr de dhealbhan air nochdadh a’ sealltainn mar a thogadh an loidhne. Tha’n ceòladair Ingrid NicEanraig a’ leanntainn an sgeulachd a tha seo agus na tha na dealbhan ag innse dhuinn mu dheidhinn an fheadhainn a thog an loidhne.
Tha rannsachaidhean a sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid de luchd-ciùil a’ strì le tromad-inntinn neo iomagain aig diofar àm. Tro bhith bruidhinn ri grunn luchd-ciùil, tha Mischa Nic a’ Phearsain a’ coimhead ri cuid de na h-adhbharan a th’air cùlaibh seo agus a’ faicinn dè am buaidh a tha e a toirt air beatha dhaoine.
Airson faisg air dà fhichead bliadhna, tha DK Mac a’ Phì air a bhith beò le dystonia, a’ fàgail nach urrainn dha a cheann a chuir dìreach. Cluinnidh sinn mun bhuaidh a tha sin a’ toirt air a bheatha bho lath’ gu lath’ agus an t-strì a tha e fhathast ris gus leighis neo faochadh fhaighinn.
An còmhnaidh ann an smuaintean Lachie Mac a’ Phearsain tha Sascha, am mac nach fhac’ e o chionn 34 bliadhna. Tha Lachie air cuir roimhe gur e seo am bliadhn’ a lorgas e Sascha a tha e air a bhith a sireadh fad bhliadhnaichean.