top of page
"Cha robh mi idir airson a dhol a-mach chionns bha mi smaointinn gum bitheadh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn seo - seòrsa nàrachadh a bh’ann, tha mi creid dhomh fhìn. Bha mi fhathast a’ feuchainn ri seo a thuigsinn - dè bha e a ciallachadh dhomh."
Dystonia:
Beatha air Fhiaradh (2020)
Dystonia: DK MacPhee
00:36
Play Video
Dystonia: University
00:50
Play Video
Dystonia: Hospital
00:37
Play Video
Airson faisg air dà fhichead bliadhna, tha DK Mac a’ Phì air a bhith beò le dystonia, a’ fàgail nach urrainn dha a cheann a chuir dìreach. Cluinnidh sinn mun bhuaidh a tha sin a’ toirt air beatha DK bho lath’ gu lath’ agus an t-strì a tha e fhathast ris gus leighis neo faochadh fhaighinn. Mar as motha a tha a cheann air tuiteam gu aon taobh, ’s ann as motha a tha a bheatha air atharrachadh. Thàinig air stad a chluich ball-coise còmhla ri charaidean grunn bhliadhnaichean air ais ach tha e a dha ionndrainn gu mòr agus a’ miannachadh cluich a-rithist. An tig aige air sin a dhèanamh?
2021 'Duaisean Gàidhlig na h-Alba' - Duais Gàidhlig sna Meadhanan: Buannaiche
2022 'Fèis Nam Meadhan Ceilteach' - Prògram Aithriseach Singilte: Air a' gheàrr-liosta
bottom of page