Mu ar Deidhinn
"Seanchas pearsanta neo sgeulachd eadar-nàiseanta, gheibh Sgeul Media gu cnag na cùise."
Mu ar Deidhinn
Stèidhichte ann an 2018, tha a’ chompanaidh telebhisean neo-eisimeileach, Sgeul Media air a ruith le riochdairean is stiùirichean, Annie Cheape agus Maureen NicLeòid. Eatorra, tha iad air a bhith an sàs anns na ceudan de dh’uairean a thìde de thelebhisean. Fìor eòlach ann a bhith ag obair ann an diofar stoidhlean, gu h-àraidh prògraman aithriseach, bheir iad thugaidh sgeulachdan dhaoine gu cruthachail agus le creideas. Seanchas pearsanta neo sgeulachd eadar-nàiseanta, gheibh Sgeul Media gu cnag na cùise. Chaidh “A’ Sireadh Sascha: The Search for a son,” a chiad prògram aig Sgeul Media, a chraobh-sgaoileadh anns an Dùbhlachd, 2018, agus bhon uairsin, tha an companaidh air grunn phrògraman aithriseach a dhèanamh don t-sianal Gàidhlig, BBC Alba.
Sgioba Sgeul Media
Annie Cheape
Fad iomadh bliadhna, dh’obraich Annie air Eòrpa, sreath a th’air iomadh duais a choisinn. Mar phàirt den sgioba sin, chlàr i ann an iomadh ceàrnaidh de dh’Alba agus an Roinn-Eòrpa. Dh’obraich i an uairsin air a ceann fhèin mas do thòisich i Sgeul Media. Tha i air riochdachdach agus stiùireadh grunn phrògraman aithriseach dha BBC Alba agus BBC Scotland, measgachadh de chùisean laitheil, eachdraich agus sgeulachdan pearsanta. A-measg na proiseactan air a bheil i air a bhith ag obair bho chionn ghoirid, tha an sreath “My Kind of Town,” a tha i air a leasachadh, stiùireadh agus a riochdachadh.
Maureen Nicleòid
Chuir Maureen seachad seachd-bliadhna deug ag obair aig a’ BhBC, ag obair anns an dà chuid reidio agus telebhisean, a’ cuir seachad a’ mhòr-chuid den ùine sin air an t-sreath aithriseach, Eòrpa. Bha i na stiùiriche air am prògramme a choisinn BAFTA Albannach ann an 2017 airson sgeulachd mu feadhainn a chleachd a bhith nam prìosanaich aig Guantanamo Bay ann an Cuba. Tha i air prògraman telebhisean neo reidio a dhèanamh anns na dusanan de dhùthchanan, Mongolia, Sudan a’ Deas agus Cosobho nam-measg.